Skip to content

Skip to table of contents


Ciamar a gheibh thu buannachdan bho na leasanan Bìobaill seo?

Ciamar a gheibh thu buannachdan bho na leasanan Bìobaill seo?

Dèan sgrùdadh le tidsear: Faighnich airson sgrùdadh a’ Bhìobaill leis an duine a thug an leabhran seo dhut no cuir iarrtas air an làrach-lìn againn jw.org.

A’ CHIAD PHÀIRT

Leugh gach paragraf agus na ceistean ann an clò-trom cuideachd (A) agus na sgriobtaran (B) a tha cur cuideam air na prìomh phuingean. Nòta: tha cuid de na sgriobtaran air a bhith cuir sìos mar “leugh”.

AM PÀIRT SA MHEADHAN

Tha a’ chiad aithris (C) fo Ionnsaich Tuilleadh a’ mìneachadh na puingean a tha leantainn. Tha am fo-thiotal (D) a’ toirt seachad na prìomh phuingean. Leugh na sgriobtaran, freagair na ceistean agus coimhead na bhidioan (E).

Smaoinich air na dealbhan agus na caipseanan (F), agus smaoinich mu ciamar a’ freagairt thu Tha Feadhainn ag Ràdh (G).

AM PÀIRT MU DHEIREADH

Tha Geàrr-iomradh agus Ath-Sgrùdadh (H) a’ cur crìoch air an leasan. Cuir a-steach an ceann-latha nuair a crìochnaicheas tu an leasan. Tha Amas (I) a’ toirt dhut rudeigin airson ag obair air. Tha Rannsaich (L) làn de fiosrachaidh roghainneil airson leughadh no coimhead.

An dòigh airson rannan a’ Bhìobaill a lorg

Lorg na sgriobtaran leis an leabhar (A), an caibideil (B), agus an rann no rannan (C). Mar eisimpleir, tha Eòin 17:3 a’ ciallachadh an leabhar Eòin, an caibideil 17 agus rann 3.