Skip to content

Skip to table of contents

EARRAN 4

Dh’Èist Iad ris an t-Sàtan—Dè an Toradh a Bh’Ann?

Dh’Èist Iad ris an t-Sàtan—Dè an Toradh a Bh’Ann?

Cha robh Adhamh agus Eubha umhail do Dhia, le sin bhàsaich iad. Genesis 3:6, 23

Dh’èist Eubha ris an nathair agus dh’ith i am meas. An dèidh sin thug i pàirt dheth do dh’Adhamh, agus dh’ith esan e.

Bha an rud a rinn iad ceàrr—’s e peacadh a bha ann. Thug Dia orra a dachaigh sa Phàrras fhàgail.

A-nis bha am beatha cruaidh dhaibh fhèin ’s dhan chlann. Dh’fhàs iad aost agus bhàsaich iad. Cha deach iad à nèamh no dh’àite sam bi eile; ach air ais dhan duslach—a-mach à bith.

Tha na mairbh gun deò, tha iad mar an duslach. Genesis 3:19

Tha sinn fhìn a’ bàsachadh air sgàth gur ann bho shliochd Adhamh agus Eubha a thàinig sin uile. Chan fhaic, ’s cha chluinn ’s cha dèan na mairbh rud sam bith.—Eclesiastes 9:5, 10.

Cha robh e ann an rùn Iehòbha gum biodh daoine a’ bàsachadh. A dh’aithghearr bheir e air ais na mairbh gu beatha; sin iadsan a tha ann an grèim cadal a’ bhàis. Ma dh’èisteas iad ris bith iad beò gu sìorraidh.