Skip to content

Skip to table of contents

EARRAN 1

Ciamar a dh’Èisteas Sinn ri Dia?

Ciamar a dh’Èisteas Sinn ri Dia?

Tha Dia a’ bruidhinn rinn tron a’ Bhìoball. 2 Timòteus 3:16

Threòraich an t-aon Dia fìor fireannaich airson a smaointean a’ sgrìobhadh sìos ann an aon leabhar naomh. ’S e sin am Bìoball. Tha fiosrachadh glè chudromach ann a tha Dia airson thu fhèin fhaighinn a-mach.

Tha fios aig Dia dè na rudan as fheàrr dhuinn, agus ’s e esan bun a h-uile gliocais. Bi ag èisteachd ris, agus fàsadh tu fhèin glic dha-rìribh.—Gnàth-fhacail 1:5.

Tha Dia airson a h-uile duine air an talamh a bhi leughadh a’ Bhìobaill. Tha e a-nis ri fhaighinn ann an iomadh cànan.

Ma tha thu fhèin airson a bhi ag èisteachd ri Dia, feumaidh tu cumail ort a’ leughadh a’ Bhìobaill, agus a bhi ga thuigsinn.

Tha daoine sa h-uile àite ag èisteachd agus a’ rannsachadh anns a’ Bhìoball. Mata 28:19

Cuidich Fianaisean Iehòbha tu fhèin airson am Bìoball a thuigsinn.

Air feadh an t-saoghail tha iadsan a’ teagaisg na fìrinn mu dheidhinn Dhè.

Cha bhi sìon agad ri phàigheadh airson an fhoghlam seo. Cuideachd, gheibh thu ionnsachadh mu dheidhinn Dhè ann sa talla coinneamh ionadail Fianaisean Iehòbha.