EARRAN 5
An Tuil Mhòr—Cò a dh’Èist? Cò Nach do dh’Èist?
Rinn a mhòr chuid anns na làithean Nòah olc. Genesis 6:5
Bha clann aig Adhamh agus Eubha agus lìon an talamh le sluagh mòr. Troimh thìde chaidh cuid den na h-ainglean le ar-a-mach an t-Sàtain.
Thàinig iad gu na talmhainn le cuirp fireannaich gus am pòsadh iad boireannaich. Rug na boireannaich sin sàr-mhic a bha fiadhaich agus làidir.
Mar sin lìon an saoghal le daoine a rinn droch rudan. Tha am Bìoball ag radh: “gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a-mhàin olc gach aon là.”
Genesis 6:13, 14, 18, 19, 22
Dh’èist Nòah ri Dia agus thog e an àirc.’S e duine math a bh’ ann an Nòah. Dh’innis Iehòbha dha gu sgriosadh e na daoine olc le tuil mhòr.
Dh’iarr Dia air Nòah soitheach mòr a thogail ris an canar àirc, agus e a dol a-steach innte le theaghlach agus a h-uile seòrsa de bheathach.
Thug Nòah earalaich dha na daoine mun Tuil a bha tighinn ach cha do dh’èist iad ris. Bha Nòah na chùis-mhagaidh aig feadhainn, ’s bha gràin aig cuid eile air.
Nuair a bha an àirc deiseil, chuir Nòah na beathaichean a-steach innte.