Ciamar a Dèiligeas mi ri Aonarachd?
A bheil thu leat fhèin agus a’ faireachdainn aonaranachd? Ma-thà, ’s dòcha gu bheil thu a’ faireachdainn mar sgrìobhadair na Sailm, nuair a thuirt e: “Tha mi mar eun na aonar air mullach taighe.” (Sailm 102:7) Faodaidh gliocas bhon a’ Bhìoball gad chuideachadh a’ dèiligeadh le trioblaidean a tha tighinn bho aonaranachd.
Fàs Dlùth ri Dia
Fiù’s nuair a tha thu nad aonar, faodaidh tu toilicheas fhaighinn nuair a mhothaich thu gu bheil feum spioradail agad agus gad lìonadh. (Mata 5:3, 6) ’S urrainn na goireasan saor an-asgaidh seo gad chuideachadh.
Bìoball air loidhne a tha furasta ri leughadh
Prògram Sgrùdaidh a’ Bhìobaill air loidhne a tha freagairt feadhainn de na ceistean mòra nam beatha seo.
Bhidioan goirid mu teagaisgean bunaiteach a’ Bhìobaill
Tha “Ceistean às a’ Bhìoball Air Am Freagairt” a’ toirt freagairtean dìreach do cheistean cumanta
“Imitate Their Faith”— Tha an sreath seo gad chuideachadh a’ dealbhadh tachartasan mar a bha iad anns am beatha aig fir agus boireannaich sna làithean a’ Bhìobaill
“Was It Designed?”— Tha an sreath seo a’ soillearachadh cho bòidhche is cho ioma-fhillteach ’s a tha an saoghal nàdarra
Leugh rannan cofhurtachaidh bhon a’ Bhìobaill
Tha na sgriobtaran seo air cuideachadh iomadh duine cofhurt a lorg. Nuair a tha thu nad aonar, bidh e nas fhèarr dhut meòrachadh air gach earrann agus ùrnaigh a dhèanamh air, na leughadh a h-uile càil aig an aon àm.—Marcas 1:35.
Ionnsaich carson a tha droch-rudan a’ tachairt
Faodaidh tu dèiligeadh le trioblaidean nuair a tha fios agad carson a tha droch-rudan a’ tachairt agus dè nì Dia ma deidhinn.—Isaiah 65:17.
Seachnaich iomagaineachd gun fheum
Cuidichidh na h-artaigilean a leanas thu a dèiligeadh le chudrom inntinn air sgàth ‘s aonaranachd agus “na bithibh fo chùram.”— Mata 6:25
Cuir seachad ùine airson càirdeas
Gheibh thu beannachdan air d’inntinn agus faireachdainnean le caraidean; tha iad dìreach as cudromaiche nuair nach urrainn dhut a coinneachadh gu pearsanta. Ma tha thu aig an taigh na h-aonar, ’s dòcha gum bi thu a’ cleachdadh co-labhairt bhidio no am fòn airson a bruidhinn ri do charaidean no a togail caraidean ùra. ’S urrainn a na h-artaigilean a leanas gad chuideachadh a lorg fìor-charaid agus bhith na fìor-charaid thu fhèin.—Gnàth-Fhacal 17:17.
Dèan eacarsaich fiosaigeach
Tha Am Bìoball ag aontachadh gu bheil eacarsaich feumail. (1 Timòteus 4:8) Faodaidh e gad chuideachadh le slàint’ inntinn, gu h-àraid nuair a tha thu a’ dèiligeadh le aonaranachd. Fiù’s nach urrainn dhut an taigh fhàgail, bidh rudan ann as urrainn dhut a dhèanamh airson a cumail trang.