Dè Th’ ann Am Bìoball?
Freagairt a’ Bhìobaill
’S e Am Bìoball cruinneachadh de 66 leabhraichean naomha. Chaidh e a sgrìobhadh tharais air 1,600 bliadhna mu thuairme. Am broinn a’ Bhìobaill tha an teachdaireachd Dhè—“dha-rìribh facal Dhè.”—1 Tesalònianaich 2:13.
San artaigil seo
Fiosrachadh mun a’ Bhìobaill
Cò sgrìobh Am Bìoball? ’S e Ùghdar a’ Bhìobaill a th’ ann an Dia, ach chleachd e mu 40 fear ga sgrìobhadh. Bha cuid den fir seo Maois, Rìgh Dhaibhidh, Mata, Marcas, Lùcas, agus Eòin. a Chuir Dia na smaointean aige anns na h-inntinnean nan sgrìobhadairean airson an teachdaireachd aige a chlàradh.—2 Timòteus 3:16.
Mar eisimpleir: Tha neach-fàsaidh ag iarr air an rùnaire teachdaireachd a sgrìobhadh air a shon, ’s dòcha fiù ’s a’ toirt seachad am brìgh den fhacal, ach ’s e an neach-fàsaidh fhathast an t-ùghdar den teachdaireachd. San aon dhòigh, ged an do chleachd Dia fir gus an teachdaireachd aige a chlàradh, tha e fhathast fìor Ùghdar a’ Bhìobaill.
Dè tha am facal “Bìoball” a’ ciallachadh? Tha “Bìoball” a’ tighinn bhon facal Greugais biblia, a’ ciallachadh “leabhraichean beaga.” Ri h-uìne, chaidh am facal biblia a ciallachadh an cruinneachadh air fad de leabhraichean beaga nuair a thàinig iad ri chèile anns a’ Bhìoball.
Cuin a bha Am Bìoball sgrìobhte? Thòisich Am Bìoball a bhith air a sgrìobhadh ann an 1513 R.C. agus bha e crìochnaichte còrr is 1,600 bliadhna às dèidh, mu 98 A.C.
Càit a bheil Am Bìobaill tùsail? Chan eil sgrìobhaidhean tùsail a’ Bhìobaill air fhàgail cho fad ’s a tha fios againn. Tha seo air sgàth ’s gun do chleachd sgrìobhadairean a’ Bhìobaill stuthan a bha faisg ri làimh aca aig an àm, mar paipireas agus pàipear-craicinn, stuthan nach mairidh beò. Ge-tà, ath-sgrìobh agus ath-sgrìobh a-rithist sgrìobhaichean proifeiseanta copaidhean a’ Bhìobaill gu mionaideach airson linntean, a’ gleidheadh na susbaint airson leughadairean san àm ri teachd.
Dè th’ ann “An t-Seann Tiomnadh” agus “An Tiomnadh Nuadh”? Tha An t-Seann Tiomnadh am pàirt den Bhìoball a bha sgrìobhte sa mhòr chuid ann an Eabhrais, b cuideachd ainmichte Na Sgriobtaran Eabhraise. ’S e An Tiomnadh Nuadh am pàirt sgrìobhte ann an Greugais, cuideachd ainmichte Na Sgriobtaran Crìostail Greugaise. Tha an dà phàirt a’ tighinn ri chèile airson aon leabhar uile gu lèir a dhèanamh, Na Sgriobtaran Naomha. c
Dè th’ ann ri lorg sa Bhìobaill? An lùib a’ Bhìobaill tha eachdraidh, laghan, fàistinn, bàrdachd, seannfhaclan, òrain, agus litrichean.—Faic “ Liosta de leabhraichean a’ Bhìobaill.”
Dè tha Am Bìoball mu dheidhinn?
Tha Am Bìoball a’ tòiseachadh le cunntas goirid den chruthachadh nan nèamhan agus na talmhainn le Dia Uile-chumhachdach. Tron a’ Bhìoball, tha e ag innse dhuinn an t-ainm pearsanta aige, Iehòbha, agus a’ cur fàilte air daoine a fàs eòlach air.—Salm 83:18.
Tha Am Bìoball a’ mìneachadh gu bheil Dia air a mhì-riochdachadh, agus tha e a’ sealltainn ciamar ath-stèidhicheas e an cliù aige.
Tha Am Bìoball a’ nochdadh miann Dhè airson mac an duine agus an talamh. Tha e a’ sealltainn ciamar a bhios Dia a’ cur crìoch air adhbharan fulangais dhaoine san àm ri teachd.
Tha Am Bìoball a’ toirt seachad comhairle phrataigeach airson beatha làitheil. Mar eisimpleir:
A’ cumail deagh-dhàimhean. “Mar sin, a h-uile rud a bu toigh leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se dhaibhsan cuideachd.”—Mata 7:12.
Ciall: Bu chòir dhuinn a dèiligeadh le feadhainn eile mar bu toil leinn daoine eile a dèanamh dhuinn.
A’ dèiligeadh le cuideam. “Na biodh cùram oirbh mun latha màireach, oir bidh cùram air an latha màireach air a shon fhèin.”—Mata 6:34.
Ciall: An àite dragh mòr a chur oirnn fhèin mu ’s dòcha a bhios a’ tachairt san àm ri teachd, gabh trioblaid latha air latha.
Faigh sonas nad phòsadh. “A dh’aindeoin sin, thoireadh gach aon fa leth nur measg gràdh dha bhean fhèin mar dha fhèin, agus gun toir a’ bhean-phòsta urram dha fear.”—Ephèsianaich 5:33.
Ciall: Tha gràdh agus urram riatanach airson pòsadh soirbheachail.
An deach Am Bìoball atharrachadh?
Cha deach. Tha eòlaichean air dhèanamh coimeas faiceallach eadar làmh-sgrìobhaidhean aosmhor a’ Bhìobaill agus a’ Bhìoball a th’ againn san latha an-diugh. Chan eil an teachdaireachd bhunaichte atharraichte. Tha seo a’ dèanamh ciall—oir ma tha Dia ag iarraidh daoine a leughadh agus a tuigsinn an teachdaireachd aige, nach eil e reusanta gum biodh e a’ dèanamh cinnteach nach biodh an teachdaireachd atharraichte? d—Isaiah 40:8.
Carson a tha iomadh eadar-theangachadh diofaraichte den Bhìobaill?
Chan urrainn do chuid mhòr den leughadairean an-diugh cànain aosmhor a’ Bhìobaill a thuigsinn. Ach tha “deagh sgeul” aig a’ Bhìoball airson “a h-uile nàisean is treubh is teanga.” (Taisbeanadh 14:6) Airson na h-adhbhar sin, feumaidh daoine an eadar-theangachadh a’ Bhìobaill ann an cànan a tha iad a tuigsinn airson ’s gun urrainn iad a leughadh agus a tuigsinn gu ceart an teachdaireachd Dhè.
Tha trì stoidhlichean eadar-theangachaidh a’ Bhìoball a’ nochdadh:
Eadar-theangachadh facal air an fhacal a tha cho litireil sa ghabhas.
Eadar-theangachadh beachd air bheachd a tha cleachdadh faclan airson riochdachadh a’ chiall den teacsa sa chànan bunaiteach.
Eadar-theangachadh air a chuir ann am faclan eile a tha an ath-obrachadh an teacsa, leis an amas gum bi e tlachdmhor a leughadh. Ge-tà, faodaidh eadar-theangachadh den leithid seo aig amannan a ciallachadh gu bheil am fìor chiall den teacsa falaichte.
Bidh deagh eadar-theangachadh den Bhìoball a’ co-chothromachadh eadar-theangachaidh litireil le cànan a tha daoine a’ tuigsinn san latha an-diugh airson a toirt seachad an teachdaireachd Dhè gu daoine ann an dòigh ceart. e
Cò rinn taghadh de leabhraichean an lùib a’ Bhìobaill?
Mar an t-Ùghdar, thagh Dia dè am bu chòir a bhith anns a’ Bhìoball. Thagh e Israel aosmhor anns a’ chiad dol a-mach agus “chaidh briathran Dhè earbsadh dha na h-Iùdhaich,” a gnìomhachadh mar luchd-glèidhidh de Na Sgriobtaran Eabhraise.—Ròmanaich 3:2.
A bheil leabhraichean caillte bhon a’ Bhìoball?
Chan eil. Tha Am Bìoball slàn; chan eil leabhraichean “caillte” ann. Tha feadhainn ag ràdh gum bu chòir cuid de sheann leabhraichean a bha falaichte airson ùine fhada a bhith sa Bhìobaill. f Tha ìre sa Bhìobaill fhèin a sealltainn ge-tà, dè am bu chòir a bhith ann. (2 Timòteus 1:13) Le bhith cleachdadh an ìre seo, tha leabhraichean a’ Bhìobaill a tha brosnaichte le Dia ag aontachadh ri chèile. Chan eil seo fìor mun seann sgrìobhaidhean uile a tha feadhainn ag ràdh gum bu chòir a bhith anns a’ Bhìoball. g
Ciamar a lorg rannan a’ Bhìobaill
Liosta de leabhraichean a’ Bhìobaill
a Airson liosta den leabhraichean a’ Bhìoball gu lèir, cò sgrìobh iad, agus cuin an deach iad a sgrìobhadh, faic an clàr “Table of the Books of the Bible.”
b Bha pàirtean beaga den Bhìobaill sgrìobhte ann an Aramais, cànan ceangailte ri Eabhrais.
c B’ fheàrr mòran leughadairean a’ Bhìoball na tiotalan “Na Sgriobtaran Eabhraise” agus “Na Sgriobtaran Crìostail Greugaise.” Cha bhi na tiotalan seo a’ toirt am beachd gu bheil “An t-Seann Tiomnadh” seann-fhasanta agus gun robh “An Tiomnadh Nuadh” a cur an àite.
e Bu toil mòran a leughadh an New World Translation of the Holy Scriptures oir tha e ceart agus furasta a’ leughadh. Faic “Is the New World Translation Accurate?”
f Tha na sgrìobhaidhean seo ri chèile air ainmeachadh an Apocripha. A rèir an Encyclopædia Britannica, “in biblical literature, [this term refers to] works outside an accepted canon of scripture”—tha seo, a-muigh den liosta leabhraichean ùghdarrasail buntail a’ Bhìobaill.
g Airson tuilleadh ag ionnsachadh, faic “Apocryphal Gospels—Hidden Truths About Jesus?”