Skip to content

A Bheil Saidheans ag Aontachadh ris a’ Bhìoball?

A Bheil Saidheans ag Aontachadh ris a’ Bhìoball?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Tha, ged nach eil teacs-leabhar saidheans a th’ ann Am Bìoball, tha e ceart nuair a tha e a’ bruidhinn air cuspairean saidheans. Meòraich air eisimpleirean a tha a’ sealltainn gu bheil Am Bìoball agus saidheans ag aontachadh agus ciamar a tha na fìrinnean saidheansail anns a’ Bhìoball gu mòr eadar-dhealaichte bho creideamhan aig muinntir a bha a’ fuireach aig an àm nuair a bha e sgrìobhte.

  •   Bha toiseach aig an domhan. (Genesis 1:1) Air an làimh eile, tha iomadh beul-aithris a’ dealbhadh nach robh an domhan cruthaichte, ach eagraichte bho eas-òrdugh a bh’ ann aig an àm sin. Chreid na Bàbilonaich gun tàinig na diathan bho dà chuan agus thug iad gu brèith an domhan. Tha seann fhionn-sgeòil eile ag ràdh gun tàinig an domhan gu bith bho ugh anabarrach mòr.

  •   Tha an domhan air a riaghladh bho latha gu latha le laghan nàdarra, chan ann le diathan caochlaideach. (Iob 38:33; Ieremiah 33:25) Tha beul-aithris bho feadh an t-saoghail a’ teagaisg gu bheil daoine gun smachd an aghaidh nan gnìomhan den dhiathan a tha caochlaideach agus uaireannan mì-thròcaireach.

  •   Tha an talamh air a chrochadh air neoni. (Iob 26:7) Bha mòran dhaoine aig aon àm a’ creidsinn gun robh an saoghal diosg còmhnard a’ seasamh le taic bho fuamhaire no beathach, a leithid buabhall no seilche.

  •   Bidh aibhnichean agus fuarain a’ tighinn bho uisge air a tioramachadh bhon chuantan agus tùsan eile a tha air tuiteam air ais dhan talamh mar uisge, sneachd, no cleachan-meallain. (Iob 36:27, 28; Eclesiastes 1:7; Isaiah 55:10; Amos 9:6) Smaoinich na seann Ghreugaich gun robh na h-aibhnichean a’ tighinn bho uisge chuain fon talamh agus bha am beachd seo a’ leantainn chun an 18mh linn.

  •   Bidh na beanntan ag èirigh agus a’ tuiteam, agus bha na beanntan an-diugh aig aon àm fon mhuir. (Salm 104:​6, 8) An aghaidh seo, tha iomadh beul-aithris ag ràdh gun robh na beanntan air cruthachadh dìreach mar a tha iad an-dràsta le na diathan.

  •   Bidh cleachdaidhean slàinteil a’ dìon slàinte. San lagh a bha air a thoirt don seann nàisean Israeil bha riaghailtean airson a nighe às dèidh làimhseachaidh corp marbh, riaghailtean cuarantain airson iad aig an robh galaran gabhaltach, agus riaghailtean airson a cur air falbh salachar daonna. (Lebhiticus 11:28; 13:​1-5; Deuteronomi 23:13) An aghaidh seo, bha na h-Èipheitich a’ cleachdadh leighis far an robh salachar daonna air a chur air leòn fosgailte.

A bheil mearachdan saidheansail anns a’ Bhìoball?

 Tha sgrùdadh reusanta den Bhìoball a’ sealltainn chan eil. Tha seo cuid den bheachdan mì-thuigsinn cumanta mun saidheans agus dè cho ceart ’s a tha Am Bìoball:

 Mì-thuigsinn: Tha Am Bìoball ag ràdh gun deach an domhan a chruthachadh ann sia làithean de 24 uairean.

 Fìrinn: A rèir Am Bìoball, chruthaich Dia an domhan aig àm a dh’fhalbh neo-chinnteach. (Genesis 1:1) Cuideachd, tha na làithean cruthachaidh ann an Genesis caibideil 1 de fhaid-ùine neo-sònraichte. Gu inntinneach, tha an faid-ùine far an robh an talamh agus an nèamh air an cruthachadh, cuideachd air a h-ainmeachadh mar “là.”​—Genesis 2:4.

 Mì-thuigsinn: Tha Am Bìoball ag ràdh gun robh lusan cruthaichte mus do thàinig a’ ghrian gu bith airson co-thàthadh solais (photosynthesis) a tachairt.​—Genesis 1:​11, 16.

 Fìrinn: Tha Am Bìoball a’ sealltainn gu bheil a’ ghrian, aon de na rionnagan de “na nèamhan,” cruthaichte ro lusan. (Genesis 1:1) Thàinig solas sgaoilte bhon grèine air aghaidh na talmhainn sa chiad “là”, no faid-ùine, de chruthachaidh. Air an treasamh “là” thog an brùthadh-àile gun ìre far an robh an solas làidir gu leòr airson taic a thoirt gu co-thàthadh solais (photosynthesis). (Genesis 1:​3-5, 12, 13) Às dèidh seo dh’fhàs a’ ghrian follaiseach bho aghaidh na talmhainn.​—Genesis 1:​16.

 Mì-thuigsinn: Tha Am Bìoball ag ràdh gum bi a’ ghrian a dòl mun cuairt na talmhainn.

 Fìrinn: Tha Eclesiastes 1:5 ag ràdh: “Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h-àite fhèin as an d’èirich i.” Tha an aithris seo ag innse dhuinn ge-tà, ciamar a tha a’ ghrian a’ gluasad ann an sealladh cuideigin a tha seasamh air an talamh. Fiù ’s an-diugh, bidh sinn a’ cleachdadh faclan mar “èirigh na grèine” agus “dol fodha na grèine,” ged a tha fios againn gum bi an talamh a’ gluasad timcheall air a’ ghrian.

 Mì-thuigsinn: Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil an talamh rèidh.

 Fìrinn: Tha Am Bìoball a’ cleachdadh “gu crìoch na talmhainn” ach chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil an talamh rèidh no tha oir air. (Gnìomhan 1:8) Mar an ceudna, tha na “cheithir ceàrnan na talmhainn” a’ ciallachadh uachdar na talmhainn air fad; an-diugh ’s dòcha gum bi cuideigin a’ cleachdadh na ceithir puingean na combaist san aon dhòigh, mar meatafor.​—Isaiah 11:12; Lùcas 13:29.

 Mì-thuigsinn: Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil cuairt-thomhas de chearcall tri uairead an trast-thomhas gu mionaideach, ach ’s e an luach ceart pi (π), no timcheall air 3.1416.

 Fìrinn: Tha an tomhas den “muir leaghte” aig 1 Rìgh 7:​23 agus 2 Eachdraidh 4:2 a’ leigeil ris gun robh trast-thomhas de 10 làmhan-coille agus “chuartaich snàthainn deich làmhan-coille ar fhichead i mun cuairt.” ’S dòcha gun robh na meudachdan seo dìreach na h-àireamhan slàna a bha as fhàisge. Cuideachd, tha e comasach gun robh an trast-thomas agus an cuairt-thomhas a’ riochdachadh nam meudachdan a-staigh agus a-muigh den bheisin fa leth.