Skip to content

Dè na h-iuchraichean gus Am Bìoball a thuigsinn?

Dè na h-iuchraichean gus Am Bìoball a thuigsinn?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Tha Am Bìoball fhèin a’ mìneachadh dè tha a dhìth airson ga thuigsinn. A dh’aindeoin do dhòigh beatha, chan eil an teachdaireachd Dhè anns a’ Bhìoball “am falach ort, cha mhò a tha i fada uat.”—Deuteronomi 30:11.

Iuchraichean gus Am Bìoball a thuigsinn

  1.   Nam biodh beachd ceart agad. Gabh ris gur e Facal Dhè a th’ ann Am Bìoball. Bi iriosal, oir tha Dia an aghaidh na feadhna a tha pròiseil. (1 Tesalònianaich 2:13; Sheumais 4:6) Seachnaich creideamh gun tuigse ge-tà—tha Dia ag iarraidh gum bi sinn a’ cleachdadh “ur n-inntinn.”—Ròmanaich 12:1, 2.

  2.   Dèan ùrnaigh airson glìocais. Tha Am Bìoball ag ràdh aig Gnàth-fhacal 3:5 “Rid thuigse fhèin na biodh do thaic”. An àite, “iarradh e air Dia e” airson glìocais Am Bìoball a thuigsinn.—Sheumais 1:5.

  3.   Sgrùd Am Bìoball gu cunbhalach. Gheibh thu an cuid as motha a-mach às do sgrùdadh a’ Bhìobaill ma nì thu e ann an dòigh co-sheasmhach.—Iosua 1:8.

  4.   Dèan sgrùdadh a-rèir cuspair. Ann an sgrùdadh cuspaireil bidh thu a’ rannsachadh na tha Am Bìoball ag ràdh air topaig shònraichte; tha seo dòigh eifeigeach gus ionnsachadh na tha na Sgriobtairean a’ teagasg. Tòisich le “teagasg bunasach,” mar gum biodh, agus an uair sin “dhol air adhart gu inbheachd.” (Eabhraich 6:1,2) Chì thu gun urrainn dhut comais a dheanamh sgriobtar le sgriobtar agus ionnsachadh gun urrainn pàirtean eadar-dhealaichte den Bhìobaill a’ mineachadh pàirtean eile, fiù ’s pàirtean a tha “duilich an tuigsinn.”—2 Peadar 3:16.

  5.   Faigh cuideachas bho feadhainn eile. Tha Am Bìoball gar brosnachadh cuideachas fhaighinn bho feadhainn eile aig a bheil tuigse a’ Bhìobaill. (Gnìomhan 8:30, 31) Bidh Fianaisean Iehòbha a’ nochdadh prògram sgrùdaidh a’ Bhìobaill an asgaidh. Coltach ri na Crìosdaidhean bunaiteach, bidh iad a’ cleachdadh reifreansan Sgriobtarail airson feadhainn eile a chuideachadh agus ag aithneachadh na tha Am Bìoball a’ teagasg dha-rìribh.—Gnìomhan 17:2, 3.

Chan eil feum ort air

  1.   Àrd-fhoghlam no inntleachd. Thuig na 12 abstolan Ìosa na Sgriobtaran agus theagasg iad feadhainn eile, ged a bha cuid eile a’ coimhead orra mar dhaoine “gun fhoghlam agus cumanta.”—Gnìomhan 4:13.

  2.   Airgead. Faodaidh tu ionnsachadh na tha Am Bìoball a’ teagasg an-asgaidh. Dh’innis Ìosa dhan dheisciobail: “An asgaidh fhuair sibh, an-asgaidh thoiribh seachad.”—Mata 10:8.